This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Pàrlamaid na Cloinne ann am Beinn na Faoghla (tro TeacherTube)

Mìos no dhà às deidh na coinneimh san Earrach ann am Barraigh tha an t-àm ann airson na coinneimh mu dheireadh de Phàrlamaid na Cloinne ann an Uibhist is Barraigh. Tha iad ga cumail aig Baile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla. ’S e àite math a th’ ann airson coinneachadh, le rùm gu leòr taobh a-muigh agus a-staigh airson taisbeanaidhean, a bharrachd air cafaidh.

Seo a’ chiad chothrom airson nam buill an t-eun mòr fhaicinn air an do thòisich iad nuair a bha iad ann am Barraigh. Tha “Fichead Eun” air tighinn còmhla airson aonnan a dhèanamh. As dèidh dha a bhith air a chur ri chèile ’s e pìos gu math tarraingeach a th’ ann.

Tha iad a’ tòiseachadh le coinneamh làn airson nam buill agus an luchd-cuideachaidh. Feumaidh iad plana a chur air dòigh airson na bhios iad a’ dèanamh thairis air an dà latha, agus feumaidh iad aontachadh air ciamar a sheallas iad an cuid obrach do theaghlaichean, do charaidean, agus dhan choimhearsnachd.

Cuideachd bha riochdairean à Uibhist is Barraigh aig coinneamh ann am Fìobha le Pàrlamaidean na Cloinne eile ann an Alba airson bruidhinn mu dheidhinn na h-àrainneachd, agus feumaidh iadsan aithisg a thoirt dhan bhuidheinn gu lèir. Bheir iad cunntas air na chunnaic iad is na dh’ionnsaich iad, agus air na rudan a bu mhòtha a bhuail orra.

’S e brot agus pìosan a th’ aca airson grèim-bìdh san talla mhòr, far am faicear na h-ìomhaighean a chruthaich na buill na bu thràithe, nuair a bha am pàrlamaid dìreach air tòiseachadh.

Air an fheasgair tha cothrom aig teaghlaichean, caraidean, agus a’ choimhearsnachd an obair a rinn na buill phàrlamaid thairis air na bliadhnaichean fhaicinn. Cuideachd tha cothrom aca fhèin rudeigin a thoirt seachad.

Tha a’ chuirm a’ tighinn gu ceann le duaisean bho Urras John Muir air an toirt seachad le Alasdair Allan, Ball Phàrlamaid Albannach airson nan Eilean Siar.

Aig an deireadh, tha a’ chlann a’ toirt a h-uile duine a-mach gus dealbh cluiche fhaicinn a chuir iad ri chèile ann an dìreach dà latha. Tha e a’ dèiligeadh le co-obrachadh agus misneachd. Tha e gu math soilleir gu bheil iad air ionnsachadh anns a’ phàrlamaid cho cudromach ’s a tha e a bhith ag obair le daoine eile agus a bhith a’ toirt spèis dhaibh fhèin.

Short url:   https://multidict.net/cs/2040