This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Lachaidh Moireasdan (Griomasaigh is Bàtaichean) (tro TeacherTube)

’S mise Lachlann Moireasdan à Griomasaigh, Uibhist a Tuath. Agus, uh, tha – seo far an do rugadh mi agus a thogadh mi.

Tha – nuair a bha mise òg – a’ chuimhne – tha cuimhneachan mhath agam air a bhith a’ dol còmhla ri m’ athair a-mach a dh’iasgach airson saoidhein is liùghanan ’s lèabagan ’s bodaich ’s a’ ghnothach a bha sin, eh airson lèabagan agus trosg agus, um, ’s sòrnain ’s adagan. Bha sin ann an Loch, Loch nan Ceall a chanamaid ri Kallin Loch. Bha, bha banca math ann an shin a bha ainmeil airson iasgach. Chan eil an-diugh. Tha na trawleran air sin a sgrios. Ach an uair ud, tha, thogadh tu lugaichean sa mhadainn, sandworms tha mi a’ smaoineachadh gur e a’ Bheurla a th’ orra. Agus cha robh agad ach dubhan lom is dorgh air an, air an robh a’ bheart a bh’ agad airson a, a bhith a’ tarraing an èisg suas, agus, tha, chuireadh tu cruaidh a-mach air a’ bhanca. Bha comharran agad an còmhnaidh – bha iad na b’ fheàrr air a’ bhanca – bha thu, bha thu a’ gabhail, bha comharra agad air tìr. Nuair a chuireadh dà chnap, no dà charra a-mach an dèidh a’ chèile bha thu a’ faighinn, tha, an uair sin àite far an cuireadh tu a-mach a’ chruaidh ’s - ’s dòcha mura, mura h-fhaigheadh tu sion ’s dòcha an toiseach gum biomaid dìreach, aon duine ag iomradh ’s an duine eile – “Feuchaidh sinn an t-àite seo”. ’S mura h-fhaigheadh tu sion ghluaiseadh tu pìos air adhart. Agus ma fhuair thu iasg ann an shin chuireadh tu a-mach a’ chruaidh an uair sin ’s bha thu toilichte gu leòr fhad ’s a bha thu a’ faighinn - ’s e iasgach uabhasach laghach a bha sin.

Oh, tha Griomasaigh air a bhith a’ cumail suas, mar gum biodh, tradition an iasgaich, uabhasach fhèin math. ’S cinnteach gur ann air sàilleabh sin a thathar air na leasachaidhean mar a fhuaireadh cidhe ann ’s tha rudan eile a’ tighinn an cois sin. Agus thathar a-rithist – bhathar a’ togail ann nam bàtaichean, nan eathraichean ’s nan geòlachan – geòla a chanamaid riutha, riutha mu dhusan troimh – a bhiodh annta. Ach ’s e geòlachan beaga a chanadh tu riutha ged a bhiodh iad – ged nach biodh annta ach deich troimhean, ach bhiodh iad – ach ’s ann a’ sìor-fhàs mòr a bha iad. Bha iad, bhiodh, mar a bhathar a’ faighinn engines na bu mhòtha ’s – nuair a theann iad ri togail ’s e na Stiùbhartaich, ’s iad a theann an toiseach ri togail nam bàtaichean an seo. Agus tha mi cinnteach ron sin ged nach eil eachdraidh sam bith ma dheidhinn tha fios gun robhar a’ togail bhàtaichean cuideachd. Ach thàinig iadsan ’s bha, bha feadhainn eile ann a bha gan togail cuideachd. Chan eil cuimhne agam cò an fheadhainn a bh’ ann an-dràsta. Ach cha bhiodh iad a’ togail ach corra fhèin. ’S dòcha gun togadh iad tè dhaibh fhèin, ’s dòcha dha nàbaidh aca ma bha e ag iarraidh orra. Eh, ach chùm na Stiùbhartaich, chùm iad a’ dol.

Nach fheum duine a bhith sgileil ma tha, mura h-eil, mura h-eil thu faisg air àite far am faigh thu iomasgladh ma bhios e a dhìth ort? Feumaidh tu fhèin feuchainn ri dhèanamh. Bha sinn uile glè mhath chun an sin.

Short url:   https://multidict.net/cs/2050