This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Dòmhnall MacFhionghuin

Dòmhnall MacFhionghain, ’s tha mi a’ fuireach ann an Cnoc Cuidhein.

Bidh mi a’ tighinn a-mach a Chreag Àrd a h-uile dà latha san t-seachdain – Dimàirt agus Diciadain.

Bidh sinn a’ gabhail tì an toiseach. Bidh sinn an uair sin a’ dèanamh fuirm agus na stools, no ge be dè bhios againn ri dhèanamh. Bidh sinn an uair sin a’ dol a Thaigh Chearsabhagh airson lunch, gu math tric sandwiches le tuna no salmon agus salad.

Cha dèan mi ach na dealbhan a thaghadh seach gu bheil an taigh agamsa cho faisg air a’ mhuir. (Bha mi) riamh keen air bàtaichean, ’s dol a dh’iasgach. An uair sin, nuair a bhios an centre a’ dol air tripichean as t-samhradh a Steòrnabhagh no dhan Eilean Sgitheanach bidh mi a’ falbh air na ferries.

Bidh mi ag obair sa Naafi – well, ’s e Lovats a th’ ann a-nis – trì latha san t-seachdain – Diluain ’s Dimàirt …. Diluain ’s Diciadain ’s Dihaoine.

Aig a’ weekend bidh mi a-staigh ach a’ dol chun accordion and fiddle club a h-uile dàrna Disathairne air feadh a’ gheamhraidh, ach a dh’aithghearr bidh e deiseil airson an t-samhraidh.

Chan eil aona note (agam) – ach dìreach a’ togail nan tuneichean bho tapeichean no CD no ge be càite eile an cluinn mi iad … a’ cluich coltach ri Iain MacLachlainn, no Bobby MacLeod, no Jimmy Shand, no fear dhe na h-old favourites.

Short url:   https://multidict.net/cs/702