This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Surfadh

Ann an Uibhist a Tuath gheibhear tràighean a tha dìreach air leth, ach chan eil iad uile furasta a ruigsinn. Tha Uilleam Lamb eòlach air a’ chuid as mòtha dhiubh – agus tha adhbhar sònraichte aige airson sin.

Bidh Uilleam ri surfadh, agus bidh e a’ leantail a chur-seachad gu dùrachdach. A h-uile turas a thèid e a-mach cuiridh e deagh chraiceann de chèir air a bhòrd. Tha seo airson dèanamh cinnteach gum bi deagh ghrèim aig a chasan air.

Chan eil e na aonar. Tha sgioba bheag de luchd-surfaidh ann a tha a’ fàs beag air bheag, agus bidh iad a’ coinneachadh gu cunbhalach airson spòrs a ghabhail còmhla.

Bidh Uilleam ga bhlathachadh fhèin suas mus tèid e a-steach dhan mhuir. Nì e seo airson a bhith cinnteach gu bheil a chorp deiseil airson na h-obrach a bhios e ris thairis air an ath uair an uaireadar. An uair sin tha an t-àm ann airson a dhol a-steach dhan mhuir cuide ri a charaidean.

Tha cuid dhiubh nas eòlaiche na càch. Ach feumaidh a h-uile duine beagan ùine mus fhàs iad cleachdte ris na stuadhan. Agus aig an deireadh crìochnaichidh gach sgrìob air a’ bhòrd leis an neach-surfaidh air a bhogadh sa mhuir.

Beag air bheag fàsaidh an luchd-surfaidh cleachdte ris na stuadhan agus bidh na sgrìoban a’ fàs beagan nas fhaide agus nas spòrsaile. Ach bidh an ùine a’ ruith a-mach mu dheireadh thall, agus an uair sin tha an t-àm ann a thighinn a-mach às a’ mhuir gus dèanamh deiseil airson gnothaichean làitheil a-rithist.

Airson Uilleam ’s e cothrom ùrachaidh a tha seo, airson a chorp agus airson inntinn. Tha e fortanach gu bheil cothrom mar seo aige cho faisg ri làimh. Agus an-dràsta tha e deiseil a-rithist airson a dhol an sàs san obair làitheil aige gu dìcheallach.

Short url:   https://multidict.net/cs/733