This is a Clilstore unit. You can .
Hi, ’s mise Pàdruig Moireasdan. Tha mi a’ fuireach ann an Griomsaidh. Tha mi air a bhith aig a h-uile Latha nam Bàtaichean Ghriomsaidh on a thòisich e, nuair a bha mise cho mòr seo. Agus tha e a’ còrdadh rium gu mòr.
Tha tòrr rudan ri dhèanamh air an latha. Bidh mise a’ dèanamh – bidh farpaisean beaga ann – bidh mi a’ dèanamh cruathachadh nan cliabh, agus tha rèisichean ag iomradh ann. Agus cuideachdh aig deireadh an latha tha tug of war ann. An uiridh agus a’ bhòn-uiridh bhuannaich mi na rèisichean ag iomradh, agus seo an duais a fhuair mi an uiridh. Air an oidhche tha cèilidh mòr ann, agus bidh tòrr daoine a’ cluich agus bidh cèicichean math ann.
Bha mi a-mach ann an Heisgeir. Bha buidheann beag a bhios a’ dèanamh rudan a-mach ann an shin, agus bha buidheann beag, tha mi a’ smuaintinn, ann an dà mhìle sa trì, ma dh’fhaoidte, uh sia bliadhna air ais. ’S chaidh sinn a-mach, mi-fhìn ’s mo phàrantan, agus rinn daoine obair air, eh, air an taigh-sgoile agus air an sgoil, agus rinn mi-fhìn obair sa ghàradh.
Um, nuair a chaidh m’ athair a-mach, chaidh e a-mach airson ceithir bliadhnaichean còmhla ris an teaghlach aige, thug e a-mach rhubarb a-mach ’s chuir iad e sa ghàradh. ’S nuair a dh’fhàg iad thug iad an rhubarb leotha. ’S chuir iad e san taigh a tha seo, ’s an uair sin, nuair a chaidh sinn a-mach sia bliadhnaichean air ais thug sinn beagan dhen rhubarb sin air ais dhan taigh. So tha e a’ cumail a’ dol, eadar an dà àite.
Short url: https://multidict.net/cs/751