This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Chris Lawson (Gnìomhachas is Planaichean)

Tha e air a bhith furasta dhuinn an gnìomhachas a tha seo a ruith air sgàth na clàran a bha an duine agam air a, air a chruthachadh mus do thòisich sinn air a’ ghnìomhachas a tha seo. Cha chan mi gur e gnìomhachas a bhiodh ann a bhiodh furasta a dhèanamh às an seo mura bitheadh sin – air sgàth aig an àm dh’fheumadh tu a dhol a Dhùn Èideann airson faighinn, uh, gun stuth a bha siud. Ach an-diugh tha e nas fhasa, bhon a tha an eadar-lìon agad agus, tha, tha dòighean ann. Tha e tòrr nas fhasa faighinn greim air na clàran.

Ach bha aon rud mòr, agus ’s e sin am beul-aithris a bha e an dèis a chruinneachadh. Uair a thàinig e suas dha na h-eileanan an toiseach, tha – cha robh buntanas aige ri na h-eileanan – thàinig e suas an seo à coimhearsnachd gu math eadar-dhealaichte, agus chuir e uabhas air na bha de bheul-aithris timcheall – an eachdraidh a bh’ aig daoine agus – nan ceann, nan cinn – agus thòisich e ga sgrìobhadh, agus chunnaic e gu math tràth, fhios agad, gur e rud garbh luachmhor a bh’ ann. Agus ’s ann bhon sin a dh’fhàs na clàran a th’ againn an-diugh. Agus chuir e riutha bho na clàran sgrìobhte. Mura bitheadh sin, cha bhitheadh e furasta, cha bhiodh e furasta idir.

Tha, tha sinn an-dràsta air, air sgrìobhadh, tha, module airson Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air sloinntearachd, far am bi cothrom aig oileanaich, uh, tha mi a’ smaoineachadh, dìreach uair a dh’fhosglas na colaistean aig, as dèidh na lathaichean saora, tha, gum bi cothrom aca, uh, an cùrsa a tha seo a dhèanamh. Agus tha sin air a bhith gu math inntinneach. Tha dà, dà mhodule ann, uh, mu dheidhinn sloinntearachd a’s na h-eileanan agus sa Ghàidhealtachd. Sgrìobh Bill iad ann am Beurla agus chuir mise ann an Gàidhlig iad. ’S bidh iad air an, air an toirt seachad ann am Beurla no ann an Gàidhlig. Agus ’s e, ’s e dòigh ùr a bha sin dhuinne a bhith ag obrachadh, agus bha, bha e math, uh, a bhith dìreach – feumaidh tu smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte airson rud a tha a’ dol a-mach tron eadar-lìon ri, ri – uh, ’s dòcha rud a tha thu, òraid a tha thu a’ toirt seachad do dh’oileanaich, fhios agad, tha, tha e gu math eadar-dhealaichte. Agus feumaidh tu cuimhneachadh gu bheil e a’ dol a leantainn bho bhliadhna gu bliadhna, ’s a bheil a’ chùis gu bhith maireanach.

Agus a thuilleadh air an sin, tha sinn a’ cur an-dràsta làrach-lìn ùr an sàs airson tòiseachadh ag reic na clàran a th’ againn ann an seo air an eadar-lìon. Agus tha sinn fair air a’ chiad pàirt dhan airgead fhaighinn airson sin bho Chomann na Gàidhlig. Agus tòisichidh sinn a’ cur air, an toiseach, fiosrachadh mu dheidhinn eilthireachd agus tha sinn a’ crìochnachadh, tha, pròiseact a bh’ againn airson trì bliadhna air eilthireachd far an do chruinnich sinn, uh, stuth air – fichead agus a dhà mìle duine a dh’fhalbh às na h-eileanan. Agus tha an t-uabhas fiosrachadh ann an sin. Agus cuiridh sinn sin air an eadar-lìon, ’s bidh e comasach do dhaoine sealltainn ris agus, uh, faighinn fiosrachadh, airson pàigheadh beagan – tha – faighinn fiosrachadh air na daoine aca fhèin.

Agus bhon sin tha sinn a’ dol air adhart, uh, airson na clàran gu lèir a th’ againn ann an seo – agus tha cairteal a’ mhillean ann – a chur air an eadar-lìon. Um, saoilidh, saoilidh sinn nach eil e comasach, ach tha iad ag ràdh rinn gu bheil e comasach, ’s gun gabhadh e dèante. Agus bidh sinn ag reic sin airson Seallam!, airson airgead a thoirt a-steach ’s cumail an t-àite-sa a’ dol.

Agus, eh, ’s e sin an rud air am bi sinn ag obair airson an ath dà bhliadhna – thuilleadh air a bhith, uh, a’ foillseachadh leabhraichean. Bidh Bill a’ sgrìobhadh - ’s tha e air, uh, leth-cheud agus a h-ochd leabhar a sgrìobhadh. Agus tha, tha gu leòr cuspairean aige fhathast mu dheidhinn a sgrìobh e. Agus gu leòr againn ri dhèanamh, fhathast.

Short url:   https://multidict.net/cs/759