This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Eairdsidh MacAoidh

’S mise Eairdsidh MacAoidh. Um, bidh mi a’sgrìobhadh agus a’ cur ri chèile Am Pàipear – pàipear choimhearsnachd à Uibhist.

Tha Am Pàipear a’ dol a-mach – uh, air sàilleabh, sàilleabh nach eil sinn ach ag obair, uh, a’ cur a-mach aon phàipear sa mhìos – tha – ’s e buidhnean sa choimhearsnachd a bhios a’ cur a-mach, um, naidheachd mu dheidhinn dè tha iad fhèin a’ dèanamh a h-uile mìos agus dè tha a’ tachairt an ath mhìos, ma dh’fhaoidhte cuideachd, agus an seòrsa rud sin. Um, bidh beagan naidheachd ann cuideachd aig an aon àm, ach, uh, chan eil mòran dhe sin – dìreach ma dh’fhaoidhte rudeigin a thachair latha no dhà air ais. Um, cuiridh sinn beagan dhe sin ann, ach a’ chuid as motha dhan, dhan stuth a tha sa phàipear ’s e, um, dìreach ag innse dè tha, dè tha na buidhnean sa choimhearsnachd fhèin ag ràdh ’s a’ bruidhinn mu dheidhinn.

Tha, tha mi a’ smuaintinn gu, gum bi daoine sa choimhearsnachd a’ smuaintinn gu bheil, uh, gu bheil Am Pàipear a’ faighinn airgead o, ma dh’fhaoidhte, on chomhairle, no grantaichean ’s rudan mar sin. Ach chan eil e a’ faighinn rud sam bith dhe sin. Tha Am Pàipear ag obair – an t-airgead a tha Am Pàipear a’ toirt a-staigh e fhèin ann an advertising ’s e a tha a’ pàigheadh airson mi fhìn a bhith seo, agus a tha a’ pàigheadh cuideachd airson dithis eile a bhith seo part-time aig an aon àm. So, tha e a’ pàigheadh dha fhèin. Chan eil, uh, chan eil e a’ faighinn airgead o àite sam bith eile, ach dìreach an t-airgead a tha Am Pàipear e fhèin a’ toirt a-staigh.

Tha Am Pàipear fhèin air a bhith a’ dol a-nist airson, um, deich air fhichead bliadhna, well barrachd is deich air fhichead bliadhna. Um, ach na lathaichean a tha seo tha rudan eile a dheargas sinn a dhèanamh, uh, mar a tha an eadar-lìon, is tha dòighean eile againn a-nist airson faighinn a-mach dhan choimhearsnachd ’s rudan eile a thoirt, a thoirt dhan choimhearsnachd. So, um, a-nist tha sinn air, um, website againn fhìn a chur ri chèile. Tha sin againn, agus bidh sinn a’ cur a-mach a-nist, air sàilleabh gu bheil sin againn, faodaidh sinn a-nist naidheachd a chur a-mach a h-uile latha – um naidheachdan nach deargadh sinn a chur a-mach sa phàipeir fhèin. Uh, tha an eadar-lìon againn airson sin a dhèanamh. Um, so deargaidh sinn, deargaidh sinn a dhèanamh a-nist. Tha sinn a’ dèanamh sin.

Agus, um, a bharrachd air an eadar-lìon, tha, tha sinn ag obair còmhla ri luchd-ealain cuideachd. Tha gailearaidh againn a-muigh ann an sheo, “Gailearaidh an Trannsa” an t-ainm a th’ air, a-muigh san, san trannsa, um againn ann an sheo – a tha dìreach air taobh thall an dorais seo. Agus,uh, tha sin, tha sin – tha dhà no trì luchd-ealain ann a h-uile mìos – um, tha an obair acasan shuas air a’ bhalla. Faodaidh daoine tadhal a-staigh fad an t-seachdain, a h-uile latha. Tha sinn fosgailte airson, airson sin cuideachd. Faodaidh daoine, uh, na dealbhan dìreach coimhead orra, no faodaidh iad an ceannach ma tha iad airson – so, uh, so tha an gailearaidh a tha sin againn cuideachd. Tha sinn ag obair air sin, tha sinn ag obair air an eadar-lìon. Tha sinn a’ dèanamh a’ phàipeir fhèin. So, tha sinn a’ fàs gu math nas trainge na b’ àbhaist dhuinn a bhith cuideachd – ach na pròiseactan eile a tha sin, ’s e really, um, airson, airson a’ choimhearsnachd a tha iad. Chan eil sinn, chan eil sinn ga dhèanamh, gan dèanamh airson, uh, barrachd airgead a dhèanamh no rud sam bith. Um, chan eil ann ach dìreach dòighean eile, um, rudan a thoirt dhan choimhearsnachd.

Well, tha dà dhuilleag Gàidhlig againn sa phàipeir, um, a h-uile mìos. Ach air sàilleabh gu bheil, um, tòrr mòr dhan choimhearsnachd, uh, nach eil Gàidhlig aca, um, chan eil e cho furasta am pàipear a lìonadh suas le Gàidhlig, so, uh – ach chanainn gu bheil dòighean eile a dheargainn Gàidhlig fhaighinn a-mach dhan choimhearsnachd, um, an seòrsa obair a tha sinn a’ dèanamh. An eadar-lìon ’s e an dòigh, chanainn, as fheàrr sin a dhèanamh. Um, tha sinn a’ coimhead a-nist a-rithist air, um, mar a tha sinn, uh, a’ cur ri chèile an website againn fhìn, agus, uh, tha sinn a’ smuaintinn mu dheidhinn, um, a’ cur, uh, radio air agus a’ cur video air, agus rudan mar sin. Agus chanainn gu bheil dòighean – ag useicheadh dòighean mar sin airson a dhèanamh – dìreach mar a tha am pròiseact seo fhèin ga dhèanamh, agus ga chur suas air an eadar-lìon – gur e an dòigh as fheàrr a dheargadh sinne a dhèanamh. Agus tha sinn, tha sinn an-dràsta a’ coimhead air sin a dhèanamh cuideachd. Agus ma tha sinn – ma gheibh sinn ceart e ma dh’fhaoidhte gum faic sinn Guthan nan Eilean air website Am Pàipear latha air choiregin cuideachd.

Short url:   https://multidict.net/cs/772