This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

CM 5 - Humorous Stories

[ZW:] Zachary Wallace
[CM:] Calum MacNeil (Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta)

[CM:] …dìreach, coisich seachad orm. Uill thàinig iad is dh’fhuirich iad san rùm agamsa son a’ weekend is snàmh ’s am blàths ’s a… fhios agad an sneachda sa h-uile, bha iad coma, fhios agad, ann a shiud. So yeah, bha weekend aca ann a shin. So, an uairsin, thàinig seachdain eile ann, an uairsin bha mi supposed a bhith a’ falbh ga reic. Uill dh’fhòn cuideigineach mi son bha gathering ann an Ceap Breatainn, son a’ MacNeil Gathering, agus:
“Oh, feumaidh tu tighinn an-seo.”
So, thuirt ise:
“Chan urrainn dhut falbh, chan eil thu dol a dh’fhalbh idir.”
So, an diabhal, thòisich mi air bruidhinn ris an fhear a bha an sàs:
“Oh, no, feumaidh tu a Chaluim.”
So… Arsa mise:
“Tha sinn a’ falbh a Cheap Breatainn.”
Uill, dh’fhòn mise à Ceap Breatainn, dh’fhòn mi a’ chompanaidh air a’ 1-800 number. Uill, bha mi daonnan ag innse do dhaoine, tha mi cinnteach, chluinninn e ann an Ceap Breatainn ag èigheach orm ann an Toronto. A Mhoire, cha deach, cha deach mi a’ reic idir. Ach nuair a thill mi air ais, thòisich mi a’ reic. Ach bha clann an diabhail cho carrach, cha robh [XX] an rud a bha iad a’ dèanamh idir. Thigeadh tu gu tuathanach, agus a’ chiad rud a chanadh tu ris:
“Dè mar a tha thu an-diugh?”
Arsa mise: “Tha batharagan math agamsa, fhuair sinn à Saudi Arabia, cancellation mhòr. Tha trì seadaichean air fhàgail, agus tha iad nas saoire, ’s ann, aig bottom price.”
Agus feumaidh tu seo innse dhaibh gus am bi [XX] ’s a h-uile sgath riamh. Agus chreids mise iad, a laochain, fhios agad, gun robh cancellations aca, seadaichean. Ach fhuair mi a-mach, a laochain, ge bith dè seada a tha thu, dè cho fad ’s a tha thu ag iarraidh, 50 x 50 to 100, fhios agad, cha dèan e càil a dhiofar. Chan eil aca ach putan a phressadh agus tha machine gan dèanamh, tha e a’ dèanamh na seada dhut, fhios agad, na [XX]. Uill, an diabhal, na gallachan. Reic mi aon fhear, cho luath ’s a reic mi aon fhear, that was it, so co-dhiù. Yeah.
An aon rud leis na… leis na leapannan. Oh a Mhoire, Mhoire, na breugan, na leapa. Ach co-dhiù, dh’ionnsaich mi an t-uabhas ann mu dheidhinn na leapa. Dh’ionnsaich iad dhut, can nach robh iad [XX] ri ceannach thaobh bha i ro dhaor, chanadh tusa:
“Am biodh e taghta nan ùisichinn am fòn agad?”
Thaobh an uair ud, cha robh portable fòn ann, fhios agad, bhiodh e daonnan sa chidsin, agus bha thu daonnan a’ suidhe, dh’inns iad dhut ‘oh, suidh sa chidsin nuair a tha thu a’ reic’. So [XX] an uairsin e:
“An fhaod mi am fòn?”
So thug iad am fòn is thuirt e:
“Oh, dè mar a tha thu, a Sheòrais? Oh, tha mi còmhla riuthasan ann a sheo, daoine laghach ann. Ach tha mi a’ smaoineachadh g’ eil an leapa ro dhaor. Chan eil an t-airgead aca fhathast ach thoir dhomh… Oh, seadh gu dearbh? Oh, càit’ bheil i? Oh ann an Toronto? Oh seadh. Oh, tha fear shuas ann an Thunder Bay ga h-iarraidh, oh seadh. Tha astar mòr airson a cur suas– airson a cur suas an-siud. Am faod mise ceannach? Faodaidh? Oh, ceud taing.”
So chuireadh tu sìos am fòn.
“Mr and Mrs Mackinnon, have I got a bargain for you!”
An leapa a chunnaic thu – sin mar a tha iad ga reic – an leapa a chunnaic thu air an TBh, faodaidh tu a cheannach aig [XX]. Dh’fhalbhadh tu faisg gu trì mìle dolar, sìos gu mu… very close gu aon ch– aon mhìle not. Sin agad an airgead agus commission. Oh, sguir mi a dhèanamh sin thaobh bha thu a’ robaigeadh daoine that couldn’t afford it. Yeah.
So dè eile a rinn mi? Bha e uabhasach. Oh a Dhia, cha do dh’inns mi mu dheidhinn na caoraich, a dhiabhail, feumaidh mi seo innse dhut aon trup. Nuair a bha mi ann an New Zealand, ghabh mi job a thaobh cuideachadh shearadh. A’ chiad rud a fhuair mi a-mach, bha mi daonnan air deagh airgead. Fhuair mi a-mach gun robh shearers ’s a’ dèanamh airgid mòr, agus [XX] a bh’ ann an uairsin, ’s e am fear a b’ fheàrr air an t-saoghal air, ’s ann à New Zealand a bha e. Agus bha e a’ dèanamh, can, mu cheithir neo còig notaichean san uair, airgead mòr, mòr, just scandalous. So cha robh, a laochain, ach bha mi a’ draibheadh sìos gu… gun a… far an robh mi a’ dol a dh’obair, an dùil gun robh e paper mill. Bhrist an càr sìos. So bha mi ri taobh an rathaid, feuchainn ri fixeadh. Stad an càr a bha seo, a bhalaich.
“An cuidich thu mi?” Arsa mise.
“Uill, bha,” choke a-riamh am [XX], ach cha b’ e sin ceart [XX]. Bha rudeigin, choke neo rudeigin sa phetrol. Bha na h-engines cho furasta a fixeadh an uairsin. Agus:
“Oh, seall,” agus thòisich e air fiddleadh mun cuairt, fhuair e an càr a’ dol dhomh.
“Dè tha thu a’ dèanamh?” Arsa mise.
“An aithne dhut sgath mu dheidhinn caoraich?”
“Oh pff, na caoraich, bha caoraich gu leòr againn am Barraigh.”
“An do rinn thu riamh sgath shearadh?”
Now, cha robh mi ag innse breugan idir ann an dòigh. Ann an, cha robh sibh riamh ann am Barraigh, ach ann am Barraigh, an Eòlaigearraidh, chan eil sa chòrr dhen eilean, ach ann am Barraigh, cha robh còir agad caoraich a bhith agad sa bhaile idir. Ach bha eilean beag anns an cuireadh sinn iad, agus nuair thigeadh an samhradh, ruig sinn a-null agus ghearradh sinn a’ chlòimh dhiubh, agus na seann chaoraich, bheireadh sinn air ais iad agus reiceadh sinn iad. Club stock, bha a h-uile duine fhios agad, it was a communal system.
“Och,” arsa mise, “shearing? Pff.”
Thaobh bha mi ag ràdh rium fhìn, nam faighinnsa job a tha am fear tha seo a’ faighinn, fhios agad, a’ dèanamh four pounds an hour, agus ma nì esan e, nì mise e, you know.
“Oh, a laochain, I’m looking for shearers.”
“Oh!”
Dh’inns e dhomh càit’ robh e, cha robh e fada bho far an robh mi a’ dol. Arsa mise:
“Startaidh mi a-màireach.”
Niste, cuimhn’ agad bha mi ag innse dhut, bha mi shuas anns na… an do dh’inns mi dhut mu dheidhinn Tobar na h-Eich idir? No b’ fheàrr dhomh, fàgaidh mi sin an-dràst’. Ach co-dhiù, bha mi shuas ag iarraidh tobar son na h-eich ann a… ann am Vancouver, is bàta, smuggleadh, agus cha b’ urrainn dhut dungarees a cheannach ann an New Zealand. Bha iad uabhasach daor, thaobh ga– imports, no luxuries. So bhithinn gan ceannach sna States. Agus bha Levis orm an latha a bha seo, dol chun an job, fhios agad, na shearing. So chaidh mi dhan t-seada mhòr, mhòr. Aon, deich shearers there. Agus electric, you know, chunnaic mi shearer, fhios agad, direach leis na scissors air mo shocair fhèin ann am Barraigh. Uill, pff. Thuirt e, arsa mise:
“I can do the scissors.”
“Oh,” he says, “if you’ve done the scissors, you’ll do with this electric one.”
So thug e dhomh an shearer a bha seo, sheall e dhomh mar, pff, bhalaich. Mionaid, an caora a-mach, pff.
“Och, nì mise sin, no problem.”
An ath rud, a bhalaich, bha iad a’ dèanamh– tha cuimhn’ am gu bràth air. Bha mi làn cachd an lèin– briogais ùr làn cachd nan caoraich. Ach tha cuimhn’ am aon, aon ghalair de chaorach, a’ feuchainn ri greim fhaighinn oirre. Theicheadh i ron toll, fhios agad, bha slot a thigeadh e a-mach, son gun ruitheadh iad a-mach. Dh’fhalbh i sìos ’s gun an clòimh, leth dhen chlòimh, is bha mi ga slaodadh a-mach… a’ feuchainn ri greim fhaighinn oirre. Oh my God, oh jeez. An ath rud, a bhalaich, chuala mi [imitates horn], horn an càr, bha mi ag ràdh:
“That’s him.”
Leig mi às a’ chaora, am bloody shear agus a h-uile sgath riamh, theich mi dhan chàr… ach nuair a bha mi a’ draibheadh sìos, fhios agad, an… bha rathad mòr sìos chun an rathaid, sin agad na caoraich a shear mise. Bha aon, tha cuimhn’ am gu bràth, tè dhiubh, bha an fhuil a’ tighinn às an amhaich aice, mehh, agus an fhuil a’ bubbleadh na h-amhaich, oh! Chìtheadh tu a h-uile sian nam biodh, gheàrr mi an craiceann aca, oh Dhia, it’s a mess… Oh my Gosh, oh my, ach an diabhal ghalar cha robh, cha b’ urrainn dhomh a slaodadh air ais. Bha ise ann a shin cuideachd, a-muigh, ’s leth na clòimhe oirre. Oh my God! Oh… oh shucks. Mo bhriogais ùr, shnog a bh’ orm làn cachd, an càr làn cachd, oh my gosh. Oh, yeah, shin agad e. Shin agad fear dhe na jobs.
So that was… sin agad Canada dhomhsa so… dè eile a rinn mi? Oh, rinn mi, tha mi a’ reic taighean a-niste, [XX] a’ reic subdivisions is… An-dràsta tha mi, uill bha mi a’ gabhail air mo shocair but, reic mi, reic mi gu leòr rudan.
[ZW:] Agus dè cho fad ’s a tha sibh air a bhith ann an Selkirk a-nist’?
[CM:] Cheannaich mise an t-àite seo… mum faca mi even Dianne. Cheannaich mi e a thaobh, Leòdhasach a tha ann a… ann an Dunnville, agus tha tè Leòdhasach, ’s dòcha nach– Flora [Skiffer/?], cha do thachair thu rithe? Cha do thachair. Tè Leòdhasach a th’ ann an Toronto, a thaobh, ’s aithne dhomh an crowd a’ dol mun cuairt air Thoronto, tha… nighean aig, chan i nighean ach… MacAulay, dè chanadh tu rithe? ’S i an Chief.
[ZW:] Oh, seadh.
[CM:] Chan e, ach dè an t-ainm-pòsta aice? MacAulay an–
[ZW:] Bateman.
[CM:] Dè th’ ann?
[ZW:] Bateman.
[CM:] Bateman, seadh. ’S aithne dhith-se iad, you know, ’s aithne– actually, ’s aithne dhomhsa i uabhasach math cuideachd. Actually ’s e a bràthair a phòs– a bha a’ pìobaireachd aig a’ bhanais againn. Scott. Cha chuala tu roimhe mu dheidhinn Scott MacAulay? Dh’eug esan gu math òg cuideachd, poor bugger. Oh a dhiabhail, what a character, him and I. Bhiodh sinn a’ dol chun na games, oh my God, sixteen years of age, drunk as… oh my. Oh, what a time. Anyway, shin agad an saoghal.
[ZW:] An robh sibh an sàs ann an coimhearsnachd Gàidhlig ann an Toronto a-riamh?
[CM:] Dè?
[ZW:] An robh sibh an sàs ann an coimhearsnachd neo ann an Comunn Ghàidhlig Thoronto riamh?
[CM:] Oh a Dhia, bha mi iomadach trup, oh Dhia, bha.
[ZW:] Agus ciamar a bha sin? Agus cuin a bha sin? Cuin a bha sibh fhèin an sàs ann?
[CM:] Uill bhiodh, actually bha mise a’ toirt… plaque dhan Mhòd son bliadhnaichean, son am biodh– piano accordion. Bhiodh feadhainn aca a’ tighinn à Vancouver a dh’fhuireach an-seo agus thigeadh iadsan sìos son weekend sìos an Toronto. Agus, bhithinn gu na cèilidh, fhios agad, bha a’ chlann beag, bhithinn a’ dol chun na Nollaig, bhiodh cèilidh aig an Nollaig agus feadh na, feadh na bliadhnaichean sìos a dhà neo trì thrupan, thaobh bha an t-astar cho fada a’ dol shìos an-sin. But, actually, bha aon trup a bha sinn a’ dol sìos agus galar de phoileasman, thug e dhomh ticead. Agus bha mi, thuirt mi ris:
“Chan eil mise a’ dèanamh an astar sin [XX].”
“Oh,” he says, “chan urrainn dhut, an radar ag innse seo dhut, seall dhut, sin dè bha thu a’ dèanamh.”
Ach thuirt mi nach robh mi ga dhèanamh. So fhuair mi litir, fhios agad, feumaidh tu a dhol gu cùirt. Uill, bha cùirt aig naoi uairean a dh’oidhche neo a h-ochd uairean a dh’oidhche. Arsa mise ri Dòmhnall, Leòdhasach:
“Chan eil, an diabhal, chan eil am fear ud a’ dol a bhith sin aig ochd uairean a dh’oidhche, an glaoic, an glaoic an diabhail a’ dol a dhèanamh sin. Thugainn sìos còmhla rium a Thoronto is can nach robh mi a’ dèanamh an speed a bha siud.”
Chaidh mise a-staigh dhan a’ chùirt a bha seo, bha an t-àite làn. Agus cò an diabhal a bha shuas sa [XX], na shuidhe aig a’ bhòrd, ach am poileasman a thug dhomh an ticead! [XX], a laochain, ach thàinig mo thurn. Ars esan an charge. Arsa mise:
“Tha am fear ud ag innse nam breugan,” ris a’… ris a’ mhagistrate, ris a’ phoileas: “Tha am fear ud ag innse nam breugan. Tha toil leis-san duine às a’ Ghàidhlig. Nuair a fhuair e a-mach gum bruidhninn Gàidhlig,” discrimination case, bha e [XX].
Oh an laugh, agus cha b’ aithne dhomhsa sgath mu dheidhinn lagh, I didn’t have a clue, ach bhithinn a’ watcheadh ‘Ironside’, cuimhn’ agad air ‘Ironside’? And eh… ‘is it true that’ and that… fhios agad, agus sin a bha mi a’ [XX]:
“Is it true that you said that to me?”
And he says, bha againn ri, chanadh e: ‘no’, ars esan, ’s thuirt mise siud:
“Thuirt thu e. Bha mise a’ [XX] and…”
Thòisich mi air argamaid sa chùirt. Fhuair, a laochain, am fear lagh, an judge, thuirt e:
“I’ll have a recession.”
Mise a bu choireach, so thill iad air ais a-rithist. Start mi fhìn ’s e fhèin a-rithist. Fhios agad dè thuirt am fear-lagh?
“No charges. No cost. No nothing.”
Fhuair mi dheth. Ach èist ri seo! So bha, fhuair, bha Dòmhnall còmhla rium, so choisich sinn a-mach is… choisich sinn a-mach is, oh, ars esan:
“A Chaluim, bha dùil agamsa nach fhaigheadh tu, bha thu dìreach, nach robh thu dol a dh’fhaighinn idir dheth. Nach tu bha lucky.”
Chaidh mi chun an diabhail chàr, fhios agad, ticead air a’ chàr, parking ticket. Ars esan, Dòmhnall, ars esan:
“Am faigh thu a-mach às an tè ud?”
“’S mise nì sin.”
Agus bha an diabhal poileasman shìos an rathad, is fhuair mi às a dhèidh:
“Hey, hey, hey!”
“Oh,” ars esan, “no, you parked…”
Arsa mise: “Chan eil mise parked air an rathad cheàrr.”
“Tha ’s…”
“Oh, bha dùil agamsa gun robh– gun robh e an taobh eile, thòisich mi a [XX].”
“Cò às a bheil thu?”
Arsa mise: “Selkirk.”
Ars esan: “Thalla sìos dhan oifis,” fhios agad an head, fhios agad, an Constabulary [XX], “dràibh sìos an-siud.”
Chaidh mi sìos an-sin.
“Cuir an duine a-staigh.”
Seargant a bha seo. So dh’inns mi dha, arsa mise:
“Tha mise à Selkirk, chan aithne dhomh na signs tha seo, dè mar a tha iad, bha dùil ’am gun robh e an taobh ud an àite an taobh eile ’s…” chonfuse me even esan.
“Oh,” ars esan, “give it to me.”
Is shràc e ’s chaith e dhan gharbhage e. Fhuair mi dheth. Oh, nan cluinneadh tu Dòmhnall an Leòdhasach, oh my gosh. Ars esan:
“A mhic an diabhail.”
Fhuair mi dheth. So there you are, sin agad e. So tha sinn an-seo an-diugh. Dè eile a rinn mi? Oh, iomadach rud eile. [XX] a-muigh ann a shin, tha, oh yeah, reic… bhithinn a, bha mi a’ reic airson Texaco, bha mi a’ reic ola dhaibhsan aon trup. Reic, actually, bha dà bhag’ agam, bha job agam a’ reic ola agus bag’ eile agam airson reic gas son Union gas. Agus bha mi ag obair dà jhob is cha robh fhios aca idir. Rinn mi… uill, trobhad is mu… dh’fheumainn air airgead, cha robh airgead agam, dh’fheumainn rudeigin a dhèanamh. An uairsin cheannaich mi a dhà neo trì thaigheanan, oh, bha mi taghta an uairsin.
[ZW:] Agus a-nist’ tha sibh fhathast a’ reic thaighean, mar gum biodh?
[CM:] Uill reic mi iad a h-uile trup a dh’iarrainn holiday, bha an aon ùidh agamsa aig aon trup. Ach, fhios agad, air na holidays bhithinn a’ gabhail air mo shocair, ’s reic mise ’s fear… reic mi, chan eil agam a-niste ach– cia mheud a th’ agam? Trì a-niste. Fear am Barraigh, tha na dhà ann a-sheo. Agus tha mise san aon àite sa bh’ agam on… bho leth-cheud bliadhna a-nis. Chan eil [XX]-
[ZW:] Tha siud math.
[CM:] Dè?
[ZW:] Tha siud math co-dhiù.
[CM:] Oh uill tha mi… fhios agad, ’s toil leam an cladach. Tha iad daonnan ag ràdh air a thig thu do thogail air a’ chladach, bidh thu daonnan, thig thu sìos chun a’ chladach.
[??:] Tha sealladh brèagha agad.
[CM:] Oh yeah, tha e uabhasach snog, yeah. Seadh a bhalaich, is dè an còrr a tha toil agad fhaighinn a-mach?
[ZW:] Chan eil fhios agam a bheil ceisteam sam bith agaibh a thaobh a’ feuchainn air…
[??:] Ciamar a chùm sibh suas ur cuid Gàidhlig san dùthaich seo?
[ZW:] Tha mi a’ credisinn gun robh thu an-còmhnaidh, mar gum biodh, am measg Ghàidheil eile an-sin?
[CM:] Dè thuirt thu?
[ZW:] Ciamar a chùm sibh suas ur cuid Gàidhlig?
[CM:] Oh seadh, uill a thaobh, bha mi daonnan– tha mi daonnan còmhla riutha. Fhios agad, nuair a bha mi an Australia, bha mi an New Zealand. Coimhead am fear a chur an telegram thugam gun robh mo mhàthair bochd, heart attack aice. À Barraigh. Actually, à Bhatarsaigh a bha esan. Bha. Fhios agad càit’ eil Bhatarsaigh? Tha Barraigh is Bhatarsaigh, yeah. Bha mi daonnan còmhla ri– agus bha mi shìos am Florida an-dràst’ le… Joe [XX], actually thòisich esan an sgoil a’ bhliadhna a dh’fhàg mise an sgoil an Eòligearraidh, esan shìos, tha e am Michigan an-dràst’, retired, ach bha e còmhla rinn, dà thrup thàinig e a dh’fhuireach còmhla rinn ann am Florida an trup-sa.
[ZW:] Am b’ fheàrr leat, ma thà, a bhith a’ bruidhinn sa Ghàidhlig nuair a choinnicheas sibh, co-dhiù, ri daoine eile aig a bheil a’ Ghàidhlig?
[CM:] Uill… dìreach ga bruidhinn. Actually, cha mhòr an dàrna leth dhen fòn tha mi a’ bruidhinn air, fhios agad, tha cuideigin air, ann an Gàidhlig. Sin agad actually far am bi mi gam chumail a’ dol, agus ’s toil leamsa am fòn so… yeah.
[ZW:] [laughs], ’s math sin.
[CM:] Bidh mi a’ faighinn… air m’ onair a Dhia, feumaidh mise… bheil tìd’ agad son na… no, tha mi a’ bruidhinn mar Leòdhasach a-niste, ‘a bheil tìd’ agad’. Bheil ùin’ agad, seallaidh mi dhut an rud mu dheidhinn Catherine Anne, a seanmhair ’s a seanair? Oir, no–
[ZW:] Cha chreid mi nach eil.
[CM:] Dè?
[ZW:] ’S dòcha gu bheil, cha chreid mi nach eil.
[CM:] Uh… a Dhia, b’ fheàrr leam gum b’ urrainn dhut a… tha mi a’ feuchainn ri fhaighinn air CD, ach chan urrainn dhomh. Chan eil fhios ’am dè mar a tha sin a’ dol… fuirich thusa a-niste. Fuirich thusa… ah, seo a-niste.
[ZW:] Neo ’s dòcha gun stad…
[CM:] Dè? Fuirich thusa…

Short url:   https://multidict.net/cs/7952